Rubh’ an Dùnain
Rannsaich làrach eachdraidheil Rubh’ an Dùnain
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

Fàilte

Fàilte gu Rubh’ an Dùnain – leth-eilean eachdraidheil gun choimeas air an Eilean Sgitheanach air taobh siar na h-Alba.

Suidhichte aig bonn beanntan iongantach a’ Chuilithinn, le seallaidhean farsaing a-null gu na h-Eileanan an Iar, tha Rubh’ an Dùnain iomallach, air falach bho shealladh a’ mhòr-shluaigh airson còrr air 160 bliadhna. An-diugh, an dèidh rannsachadh mionaideach le arc-eòlaichean agus luchd-saidheans, tha e air a bhith air a chlàradh mar fhear de na carraighean eachdraidheil as ùire ann an Alba, le ùidh aig daoine air feadh an t-saoghail ann. Agus am measg a mhòrachd agus aonranachd tha e a’ tòiseachadh air rùintean-dìomhair fhoillseachadh.

Gabh ar cuairt mas fhìor ach am faigh thu sealladh air eachdraidh 5000 bliadhna, a’dol air ais gu daoine a bha a’ fuireach ann an uamhan rè Linn Mheadhanach na Cloiche, Lochlannaich a ghabh sealbh air agus cogaidhean fuilteach nam fineachan. Rannsaich arc-eòlas ro-eachdraidheil agus daingnichean bho Linn an Iarainn. Faic na th’ air fhàgail de choimhearsnachd bheothail de luchd-àitich agus smaoinich mu chanàl a th’ air a lìnigeadh le clach a tha a’ dol chun na mara - mar a tha e air a mhìneachadh ann am bhideothan ùra iongantach.

Ath-thuineachadh

Tha sgrìobhaichean ainmeil a’ beachdachadh air an rannsachadh as ùire. Tha an earrann air eachdraidh a’ foillseachadh carson a tha an leth-eilean cho fìor chudromach do Chloinn ’Ic Asgaill air feadh an t-saoghail mar an tìr dhùthchasach.

Agus a-nis, còig ginealaich an dèidh do na teaghlaichean mu dheireadh a bhith air am fuadach airson àite a dhèanamh do chaoraich, faodaidh tu pàirt a ghabhail ann am pròiseact cumhachdach a tha ag amas air ath-thuineachadh a dhèanamh air an àite seo a bha uair cho beothail le coimhearsnachd ùr air-loidhne.

Cuairt mas fhìor

Cuairt mas fhìor

Rannsaich an sgìre a’ cleachdadh mapa eadar-ghnìomhach, dealbhan agus dealbhan beò

Beò: Bhideothan

Beò: Bhideothan

Faic beò-dhealbhadh air mar a dh'fhaodadh gàrradh-shoithichean Lochlannach a bhith coltach

Loading
This site uses cookies. By continuing to browse the site you are agreeing to our use of cookies. Find out more | Don't show me this again X