Rubh’ an Dùnain
Rannsaich làrach eachdraidheil Rubh’ an Dùnain
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

Air an talamh

An d’ fhiach e dhol ann?

Ma tha thu a’ smaoineachadh air a dhol ann seo fiosrachadh feumail. ’S e cuairt 13 cm, fad latha, a th’ ann, air talamh ìosal. Ma tha an t-sìde math chì thu seallaidhean àlainn, muir agus tìr. Tha eachdraidh agus àrsaidheachd a tha doirbh a lorg an àite sam bith eile co-cheangailte ris an àite.

Faighinn ann

  • Comharra-clèithe: NG390162
  • Mapa OS: Explorer 411 (Cuillin Hills)
  • Duilgheadas: Furasta gu meadhanach
  • Fad: mu 13cm (8.5 mìle)
  • Àirde: Os-mheud 69m. (ìomhaigh)
  • Ùine: 4-6 uair a thìde

Tha Rubh’ an Dùnain iomallach. Chan eil còmhdhail poblach ann ach a-mhàin aon bhus a tha falbh agus a’ tilleadh eadar Carabost agus Port Rìgh rè uairean na sgoile. Air an rathad, fàg am prìomh rathad A87 aig Sligeachan agus gabh an A863 a tha dol rathad Dhùn Bheagain. An ceann 8cm gabh am B8009 a dh’ionnsaigh Carabost. Mus ruig thu am baile tionndaidh gu do làimh chlì air an rathad singilte a tha dol gu Gleann Breadail (7 mìle). Lean ort tro Taigh Ghlinn Breadail agus na Saibhlean agus fàg an càr aig a’ chladach ro cliath-chruidh an làraich campachaidh.

Earalas Ciallach

  • Faodaidh an t-sìde san Eilean Sgitheanach a bhith gu math caochlaideach. Faigh a-mach mun t-sìde ro làimh. Tagh latha soilleir.
  • Fàg brògan boga agus brogan trèanaidh aig an taigh. Cuir ort brògan làidir, uisge-dhìonach, oir bidh an talamh garbh agus bog ann an àiteachan.
  • Fiùs ged a bhiodh latha math ann thoir leat aodach blàth, uisge-dhìonach. Thoir leat stuth a chumas meanbh-chuileagan air falbh.
  • Tha a h-uile coltas nach obraich fòn-làimhe ann. Dèan cinnteach gu bheil fios aig cuideigin càite a bheil thu, no fàg cunntas sgrìobhte sa chàr ag innse dè an taobh a bha thu a’ dol agus dè an latha ’s an t-àm a bha thu an dùil a bhith air ais. Thoir leat GPS, camara agus prosbaig ma tha iad sin agad.

Cuimhnich!

’S e talamh tuathanais a th’anns an leth-eilean. Tha e cuideachd taobh a-staigh Roinn Seallaidheach Nàiseanta na Cuilthinn, air a chomharrachadh le Dualchas Nàdair na h-Alba airson a bhith cho sònraichte is fiadhaich. Chan eil bacadh air a dhol a choiseachd ann, ach tha uallach ga chur air luchd-tadhail spèis a thoirt don àrainneachd agus dhaibhsan a tha na eisimeil airson am beatha. Lean Còd Slighean Dùthchail na h-Alba. Cùm coin fo smachd fad an t-siubhail. Na fàg sgudal as do dhèidh. Na tog ach dealbhan.

A’ Chuairt-coise

Mus falbh thu luchdaich a-nuas:

Iùl Comharran-slighe airson Coisichean

Tha na h-àireamhan a’ co-fhreagairt air na comharran-slighe air a’ mhapa OS agus a’ Chairt Slighe Falamh. Faodaidh sibh dreach a ghabhas clò-bhualadh a luchdachadh a-nuas an seo.

1. Toiseach/crìoch

Cladach Gleann Breadail (NG410205) Fàg an càr air an làimh dheis aig toiseach na tràghad agus mus ruig thu an t-inntrigeadh don làrach campachaidh. Ma tha thu am beachd campachadh thoir sùil air Ukcampsite.co.uk airson beachdan air na goireasan. Tha bùth bheag ann, a’ reic rudan èiseil. Air an tràigh tha a’ ghainmheach glas seach a bhith geal agus bidh na h-uiread ris a dh’aindeoin dè an ìre aig a bheil an làn. Tha lochan creige aig gach ceann. Bidh daoine dàna a’ gabhail fras bho aon de na h-easan a tha tighinn on Chuiltheann air bruaich an ear an loch mara.

2. Loch Breadail

A’ coimhead an iar-dheas bho tràigh Ghlinn Breadail, tha an leth-eilean a’ sìneadh sìos taobh chlì an loch mara a dh’ionnsaigh Rubh’ an Dùnain fhèin. Tha Loch Breadail a’ tàladh bhiastan-dubha, ròin, pèileagan agus corra chearban. Ged a tha an loch a’ fàs domhain mean air mhean bi mothachail a thaobh gaothan làidir far na mara agus sruth làidir fon uisge nuair a tha an làn a’ dol a-mach.

Gabh seachad air an làrach campachaidh, air ceum taobh chlì nan taighean beaga agus coisich mar gum biodh tu a’ dèanamh air Coire Lagain. Lean ort air a’ cheum leathann a’ dol chun làimh dheis, a’ cumail Loch Breadail air do làimh dheis. Ma tha an t-sìde fàbharach, chì thu slios-shealladh de Chanaigh air fàire

3. Allt Coire Lagain

Tha thu a-nis aig bun-chnuic cuid de na beanntan as riochdail san RA. Tha na ballachan mòra gabbro aig Sgùrr Dearg, Sgùrr Mhic Choinnich agus Sgùrr Alasdair (992m / 3256 troigh, as àirde sa Chuiltheann) timcheall air Coire Lagain. ’S e sealladh iongantach a th’ann.

Cùm an loch air do làimh dheis, gabh an ceum leathann gu ruig thu Allt Coire Lagain. Ma tha uisge trom air a bhith ann dh’fhaodadh an t-allt a bhith na leum agus e bhith do-dhèante faighinn tarsainn air. Tha drochaid fhiodh astar beag sìos am bruthach. Till chun cheum.

4. Sealladh air a’ Chuiltheann

Gabh mionaid airson coimhead air ais air an t-sealladh àlainn suas Gleann Breadail gu Bealach a’ Mhàim, slighe a ghabh iomadh dròbh chruidh gu ruige Sligeachan. Ro na Fuadaichean, tràth anns an naoidheamh linn deug, bha Rubh’ an Dùnain, mòran de Ghleann Breadail agus mòrchuid de dh’ Aoineairt taobh thall an loch nan aon tuathanas aig Clann ’ic Asgaill.

Feumaidh tu bhith faiceallach a’ dol tarsainn air uillt eile. Tha eas bhrèagha air tè dhiubh.

5. An t-Slochd Dubh

An dèidh uair a thìde de choiseachd, thèid thu seachad air na creagan mara aig Rubha na Creige Mòire. Gabh an ceum chun làimh chlì mus ruig thu an cnocan beag aig A’ Chreag Mhòr. Dìrich taobh an fhearainn gus an ruig thu gàrradh cloiche a tha dol tarsainn air an leth-eilean far a bheil briseadh nàdarra. Seo an t-Slochd Dhubh.

Coimhead airson beàrn sa ghàrradh agus theirig troimhe, a’ cumail Creag Mhòr air do làimh dheis. Tha an ceum co-shìnte ris a’ ghàrradh. Bu chòir dhut a dhol chun làimh dheis timcheall gualainn na Creige Mòire gus an nochd sealladh air Canaigh agus na h-Eileanan Beaga air thoiseach ort. Tha an talamh a’ dol sìos a dh’ionnsaigh an rubha.

6. Abair Seallaidhean

Tha an talamh àrd a dh’ionnsaigh Carn Mòr air an làimh dheis airidh air cuairt bheag a ghabhail ann chionns gu bheil seallaidhean farsaing bhuaidhe air làrach a’ bhaile, na h-Eileanan Beaga agus, air deagh latha, Barraigh agus na h-Eileanan Siar eile.

7. Làrach Taigh an Fhir-tac

Lean ort sìos a’ bhruthach chun loch bheag a tha ri faicinn pìos air falbh. Air an t-slighe faodaidh tu sùil a thoirt air làrach an taighe aig triath Chloinn ’ic Asgaill. Chaidh an taigh fhàgail mu mheadhan na naoidheamh linn deug ach tha an làrach fhathast a’ seasamh a-mach anns a’ bhaile.

Thoir sùil air an làraich-lìn airson faicinn dealbh dhen taigh c.1840 a rinn Daibhidh Roberts (ann an Skye and Lochalsh Archive Centre, Portree).

Beag air bheag chaidh an rubha fhalamhachadh ri linn nam Fuadaichean mar a dh’fhàg na màladairean a shireadh beatha na b’ fheàrr an Ameireagaidh, an Canada agus an Sealan Nuadh. Ann an 1863, an dèidh 400 bliadhna, chaill Clann ’ic Asgaill sealbh air an fhearann.

8. Dùn bho Linn an Iarainn

Bho cheann an taighe coisich sìos gu ruige ceann an ear Loch na h-Àirde. Seachainn an talamh bog air an làimh chlì. Far a bheil an loch a’ dol gu muir dìrich suas chun na làraich a tha a’ toirt ainm dha Rubh’ an Dùnain.

Le sealladh farsaing chun iar, tha an Dùn air a thogail de chloich, le gailearaidhean taobh a-staigh nam ballachan agus leac ìosal air an taobh a-staigh. Cha deach a chladhach a-riamh agus tha beachd ann gu robh e aig aon àm tòrr na bu mhotha. ’S dòcha gu robhas ga chleachdadh airson comharra a dhèanamh a chitheadh iad an Eige agus an Eilean Rhum. Tha Sgùrr Eige ri faicinn 27 cm gu deas. Chithear Barraigh às air latha soilleir.

9. Canàl Cloiche

Chan eil cus cinnteach fhathast mun arc-eòlas aig a’ chladhan a tha sìos bhon dùn. Chaidh pìos fiodh bàta a thoirt às an loch ann an 2000 agus chaidh a dhearbhadh gur ann bho 1100 AD a tha e. Tha grunn rannsachaidhean leantainneach air laimrigean a lorg fon uisge agus fianais airson grunn nòsan-luinge. Tha eòlaichean air a ràdh mu dheidhinn -“truly a multi-period and multi-functional site, for which the sea is the linking strand.”

Tha fianais làidir ann air làthaireachd nan Lochlannach ach chan eil cinnt fhathast an iad a thog an canàl - a tha air leth an Alba – airson frithealadh air gàrradh bhàtaichean tràth sna meadhan-aoisean. Agus cò a rinn an t-uidheam a tha a’ cumail uisge an loch aig an aon ìre?

Aon rud a tha soilleir, tha tòrr fhathast ri fhaighinn a-mach mu Loch na h-Àirde.

10. Làraich thaighean

Coisich dìreach chun iar a dh’ionnsaigh gob an rubha. Tha làraich cuid de na taighean sìos bhon loch, le sealladh àlainn dhen Chuiltheann air an cùl. Ro dheireadh na h-ochdamh linn deug bha an rubha na phàirt de thuathanas susbainteach a bha aig Clann ’ic Asgaill. Bha e a’ còmhdach mòran de dh’ Aoineart agus Gleann Breadail suas gu ruige an t- Abhainn Dearg. Bha eilean Shòaigh na phàirt dheth cuideachd.

Bha mòran àiteach ga dhèanamh air an rubha agus bha còrr air ceud màladair a’ còmhnaidh ann. Ann an 1853, nuair a dh’fhalbh an ceann-feadhna mu dheireadh às, bha 37,500 acair san tuathanas agus bha 70 fear a’ toirt am bith-beò às.

11. Sealladh air an loch

Stad aig oir an iar an rubha airson sùil dheireannaich a thoirt air an dùn. Chan eil e doirbh tuigsinn carson a thagh na tràth dhaoine an t-àite seo airson daingneach a thogail ann. Tha sealladh 270 puing aig an dùn air a’ chosta. Le buille dhed shùil chì thu Caolas Shòaigh air fhad. Chì thu thairis air an t-seachd mile a tha eadar an rubha agus Canaigh agus a-null chun na h-Eileanan a-staigh. Chì thu càil sam bith a tha dol deas bho Loch Aoineart agus seachad air.

Chan e a-mhàin gu faiceadh muinntir an dùin dè bha tighinn. Bhiodh iad fhèin air am faicinn cuideachd, rabhadh dhaibhsan a bha tighinn faisg. A bharrachd air an sin, bha an dùn na chomharra air far am faigheadh tu a-steach do chaladh agus do chomraich Loch na h-Àirde.

12. Sealladh bhon mhuir

Aig fìor ghob an rubha gabh ùine airson beachdachadh air an t-sealladh bho thaobh na mara. Tha dealbh de Rubh’ an Dùnain air a thogail bho kayak aig muir air an làrach-lìn agus tha e a’ sealltainn gu soilleir cho furasta ’s a bhiodh e bàtaichean fhalach bho bhàtaichean eile anns an loch agus aig na laimrigean. Tha an t-slighe a-steach falaichte gus a bheil thu gu math faisg air a’ chladach.

13. Càrn seòmarach

Coisich gu bruaich a tuath an loch gus càrn seòmarach a ruighinn. ’S e deagh eisimpleir a th’ann de thuam le trannsa bho Linn an Umha/Linn Ùr na Cloiche (2400 BC to 551 BC). Chaidh a chladhach an toiseach ann an 1932 agus lorgadh bìceir, sgrìobairean ailbhinn agus criomagan crèadhadaireachd innte.

Ged a tha e coltach gun deach mòran de na bh’ as an tuam a ghoid o chionn fhada, cnàmhan dhaoine ’s dòcha cuideachd, cuiridh na clachan agus an sgil agus an dòigh mhionaideach as an deach an cleachdadh iongnadh air duine. ‘S dòcha gun tig fiosrachadh eile am follais ri linn an tuilleadh sgrùdaidh saidheansail.

14. Dol fodha na grèine air Canaigh

Tha an t-àm ann tilleadh dhachaidh. Cùm ort tuath mun oir an iar aig Càrn Mòr gus an ceum a thogail. Tha an cladach cunnartach – cum deagh astar os a chionn.

Tha am prìomh dhealbh air an làrach-lìn a’ sealltainn bàta-iasgaich air a slighe dhachaidh à Canaigh a dh’ionnsaigh an Eilein Sgitheanaich air feasgar samhraidh. Faodaidh tu èisteachd feuch an cluinn thu fuaim sgiathan naosg ann an ciaradh an fheasgair.

Cha bhi e tric gu tur dorch am meadhan an t-samhraidh san eilean.

15. An t-slighe dhachaidh

Lean an rubha os cionn a’ chladaich far a bheil ceum fann air sgeilp eadar an cladach agus Creag Mhòr gus an ruig thu am prìomh cheum. Till an uairsin an taobh a thàinig thu gu cladach Ghlinn Breadail.

Loading