Rubh’ an Dùnain
Rannsaich làrach eachdraidheil Rubh’ an Dùnain
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

Bho chionn fhada

'S dòcha nach bi fios againn gu sìorraidh cuin dìreach a thàinig daoine a dh’fhuireach ann an Rubh’ an Dùnain an toiseach. Ach, mean air mhean, tha an rubha a-nis a’ toirt dhuinn tuairmse air an eachdraidh iongantach aige. Faodaidh e bhith gu robh daoine a’ fuireach ann gun bhriseadh, fad mìltean bhliadhnaichean– cho fada ’s dòcha ri àite san dùthaich.

Tha na dh’fhàg na daoine as a dèidh sgapte air feadh an rubha – mìrean de chrèadhadaireachd, ballachan cheap, criomagan ailbhinn, pìosan fiodha fon uisge, clachaireachd sgileil, togalaichean briste – fuigheall dhaoine aig an robh beatha gu math eadar-dhealaichte bhuainne.

Mar mìrean-measgaichte iomadh-fhillte, chan eil e idir furasta na mìrean a thuigsinn agus a chur ri chèile gus dealbh coileanta a dhèanamh. Tha mion-sgrùdadh faiceallach le eòlaichean a dhìth gus an fhianais a mhìneachadh agus tuairmse a thoirt far a bheil beàirn.

San earrainn seo tha sinn a’ feuchainn ri cuid de na mìrean cudromach a tha dèanamh tòimhseachan Rubh’ an Dùnain a thoirt còmhla, agus, le taic bho arc-eòlaichean agus luchd eachdraidh, solas a chur air an àite a bh’ aige san àm a dh’fhalbh.

Sgrùdadh nan ceistean

Tha sinn an dòchas gun dùisg sinn ùidh nas fharsaing ann a bhith a’ sgrùdadh nan ceistean a tha fhathast gun fhreagairt, gus cur ris an eòlas agus an tuigse a th’againn air na daoine a bh’ ann.

Tha an earrainn seo a’ còmhdach ceithir cuspairean a bheir fiosrachadh do luchd-leughaidh mu na prìomh dhuail ann an eachdraidh an rubha. Tha geàrr-chunntas ann air arc-eòlas na sgìre. Thathar an uairsin a’ beachdachadh air mar a dh’fhaodadh an Rubha a bhith air a bhith san àm ro-eachdraidheil agus sna meadhan-aoisean. Tha cunntas ann an uairsin air an lèirsgrios a thug na Fuadaichean air an fhearann agus air na daoine.

Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh air na cuspairean sin ann am bhideothan agus san Tasglann againn de phàipearan a ghabhas luchdachadh a-nuas. Nam measg tha grunn iomraidhean eachdraidheil air Clann ‘Ic Asgaill agus ceanglaichean-lìn feumail.

San earrainn seo

Ceanglaichean feumail

Loading