Rubh’ an Dùnain
Rannsaich làrach eachdraidheil Rubh’ an Dùnain
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

Seann eachdraidh

Smaoinich air Rùbh’ an Dùnain bho chionn timcheall air 3000 bliadhna.

Tha triall beag de dhaoine air an t-slighe gu càrn cloiche a tha a’ coimhead tuath thairis air Loch Bhreadail. Air an cùlaibh tha an clachan beag aca fhèin, na taighean air an togail le clach agus sgrathan.

Tha iad a’ dol timcheall air an lochan agus a’ dol air staran coisrigte, a’ fàgail fasgadh an t-sluic nàdarra gus aghaidh a chur air a’ ghaoth fhuar a tha sèideadh tarsainn air an druim air an t-slighe a-steach do Thaigh nam Marbh.

Tha an eileatrom air a bheil an corp ga leigeil sìos aig an doras a-steach dhan t-seòmar adhlacaidh agus tha bobhlaichean le tabhartasan air an cur air an talamh. Tha an deas-ghnàth a’ tòiseachadh an uairsin, is a’ tighinn gu crìch le bhith a’ gluasad a chuirp a-steach dhan chàrn sheòmarach, ri taobh cnàmhan nan sinnsirean.

Tha sgeulachdan mar seo nam pàirt de sgeulachd Rubh’ an Dùnain. Tha làrach Taigh nam Marbh – càrn seòmarach no barpa - na theisteanas air deas-ghnàthan àrsaidh mar seo.

Tha arc-eòlaichean ag ràdh gu bheil am barpa seo am measg iomadh dhe sheòrsa a tha rin lorg air an oirthir eadar an Spàinn is Sealtainn, le tomhais de dh’ fhianais nach b’ e iasgairean a-mhàin ach tuathanaich cuideachd a bh’ anns na daoine a bha a’ còmhnaidh air an rubha seo.

Atharrachadh aithghearr

Chaidh linntean seachad agus an uairsin dh’atharraich an dòigh-beatha air an rubha – gu grad. Thàinig greis de bhlàthachadh cruinne a dh’ fhàg an t-sìde na bu bhlàithe agus na bu fhliuche, a’ lughdachadh na bh’ ann de thalamh-àitich. Thòisich còmhstri mu talamh-àitich a bh’ air fhàgail agus blàir mu cò leis a bha e.

Bha dìon air leth cudromach. Ged a mhair na seann deas-ghnàthan ann an Taigh nam Marbh, a bha fhathast a’ seasamh a-mach ann an cruth na tìre, chaidh a chur gu feum eile. Chaidh pàirt dheth a leagail agus chaidh na clachan a thoirt gu bàrr na creige gus pàirt den bhalla dìon a thogail os cionn na h-acarsaid.

Bha fichead troigh a dh’àird sa bhalla, le seòmraichean beaga an siud ’s an seo air an taobh a-staigh. Na dhachaidh aig prìomh theaghlach na sgìre bha togalach tapaidh, fiodh an taic a’ bhalla air fhad.

Bha e na shamhla air cumhachd a chuireadh bacadh air feadhainn a lùigeadh ionnsaidh a thoirt air an rubha. Tha fios againn bho na chaidh a chladhach gu robh cultar gu math ealanta aig an luchd-còmhnaidh - airson am mìle bliadhna na mar sin ro bhreith Chrìosda. Bha iad a’ cleachdadh fiodh, iarann, umha agus cuid de mheatailtean luachmhor, còmhla ri crèadhadaireachd a bh’ air a sgeadachadh.

Mar a chaidh na linntean seachad thuit mòran dhe na dùin sin ach tha am balla aig Rubh’ an Dùnain fhathast air a ghlèidheadh gu h-iongantach.

Carson? Faigh a-mach an seo.

Loading