Rubh’ an Dùnain
Rannsaich làrach eachdraidheil Rubh’ an Dùnain
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

Bhideothan

’S iogntach mura h-e ìomhaigh de Lochlannaich a’ crathadh an claidheamhean as motha a tha a’ dùsgadh mac-meanmna a’ mhòr-shluaigh nuair a thig e gu amannan aimhreatach nam meadhan-aoisean. Ach tha an sealladh seo nas fhìor buileach nuair a smaoinicheas sinn air leth-eilean iomallach air taobh siar an Eilein Sgitheanaich far nach eil duine an-diugh a’ fuireach agus am beachd gu robh e uair na phort soirbheachail agus na ghàrradh-shoithichean airson birlinnean Lochlannach.

Faic an seo bhideothan drùidhteach agus èisd ri craolaidhean a tha a’ toirt blasad dhuinn cho fìor sa ghabhas den t-saoghal sin.

 

An toiseach, bheir na dealbhan aig Cailean Mac’illEathain, dealbhair cliùteach Sgitheanach, air cuairt adhair thu os cionn Rubh’ an Dùnain, agus chì thu mòrachd agus iomallachd na sgìre tarraingich seo.

 

 

An uairsin, seallaidh beò-dhealbhadh itealaich iongantach thu cò ris a dh’fhaodadh cala agus port anns na meadhan-aoisean a bhith coltach nuair a bha birlinnean neo longan-fada coltach ri feadhainn Lochlannach ann rè a’ gheamhraidh airson obair-chàraidh agus ath-thogail. Tha an t-ionad-tadhail Àros san Eilean Sgitheanach air seo a thoirt dhuinn.

 

Faic ann an seo agallamh leis an Dtr Cailean Màrtainn, arc-eòlaiche mara iomraiteach, bhon t-sreath a rinn am BBC Scotland from the Sky. A’ bruidhinn air an làraich fhèin, tha e a’ mìneachadh carson a chaidh a chomharrachadh mar aon de Charraighean Eachdraidheil na h-Alba.

 

 

Mu dheireadh, mar a tha cliù an Eilein Sgitheanaich a’ sìor fhàs feadh an t-saoghail, gheibh thu a-mach an seo dè a dh’fhàg gur e an t-Eilean Sgitheanach a thagh dealbhaichean, luchd-togail dhealbh agus luchd-ciùil bho cheithir dùthchannan airson an cuid taisbeantais-ealain ann an 2019.

 

Leugh an tuilleadh …

Loading