Rubh’ an Dùnain
Rannsaich làrach eachdraidheil Rubh’ an Dùnain
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

Lusan is Ainmhidhean

Ma tha fiosrachadh gann mu eachdraidh fhada nan daoine a bha air Rubh’ an Dùnain, tha lusan is ainmhidhean an Rubha dha rìribh tarraingeach. Tha suidheachadh iomallach an Rubha, gu h-àraid bho dh’fhalbh na daoine às ann am meadhan na naoidheamh linn deug, a’ ciallachadh nach eil mòran air dragh a chur air lusan is ainmhidhean bhon uair sin.

Am bitheantas, tha teisteanas gu lèor ann air lusan is ainmhidhean an Eilein Sgitheanaich a tha cho tarraingeach do dhaoine aig a bheil ùidh ann an nàdair. Ach, bho chionn ghoirid, chan eil mòran sgrùdaidh air a bhith air a dhèanamh air Rubh’ an Dùnain. Tha tomhais de dh’fhiosrachadh air a chruinneachadh ach tha cothrom tearc ann dha eag-eòlaichean agus daoine aig a bheil ùidh ann am fiadh-bheathaichean an t-àite iomallach seo a sgrùdadh agus a chlàradh as ùr. Tha coltas ann gu faodadh nithean ùr a bhith air an lorg agus aig an aon àm eòlas nas doimhne fhaotainn a thaobh dè tha air Rubh’ an Dùnain fhàgail cho sònraichte.

Air an t-slighe, bidh cothroman ann do shean is òg, do eòlaichean agus dhaibhsan nach eil cho eòlach, coinneachadh ri asgain, losgainn, agus muileacha-màg, biastan-dubha, dallagan, daolagan mogairlein agus corra radan.

Ma dh’fhaodte gu faighear corra shealladh air ròin, pèileagan agus cearban aonaranach. Tha Eunlaith pailt. Aig na lochan agus na lochain èist airson an caoineadh tiamhaidh aig a’ Mhuir-bhuachaille. Air an talamh, am measg iomadh seòrsa mogairlean agus Lus a’ Ghadmainn, chithear feadagan. San adhar chithear gu tric leithid iolairean-buidhe agus iolairean-mara, seabhagan, fasgadairean agus falcan.

Leugh an tuilleadh

Leugh stiùireadh goirid bho eòlaichean an àite:

  • Lusan agus Eunlaith, air a sgrìobhadh le Stephen Bunguard, luibh-eòlaiche.
  • Eòin air a sgrìobhadh le Bob Mac a’ Mhaoilein, eun-eòlaiche.
Loading