Rubh’ an Dùnain
Rannsaich làrach eachdraidheil Rubh’ an Dùnain
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

An t-àite

From remote prehistory until its final abandonment in the 1860s, Rubh’ an Dùnain has been a dynamic hub of human activity . . . No directly comparable site in Scotland is known.

– An Dr Cailean Màrtainn
Sàr arc-eòlaiche mara

Tha an tuineachadh seo a bha cha mhòr air a dhol air dhìochuimhne a-nis a’ tighinn am bàrr mar àite far an robh daoine a’ fuireach gun bhriseadh ’s dòcha cho inntinneach ’s a th’ anns an RA. Mean air mhean, tha fianais gu robh daoine a’ fuireach an seo fad còrr is 5000 bliadhna a’ tighinn am follais. Tha an loidhne-tìm air leth aig Rubh’ an Dùnain a’ sìneadh bhon sprùilleach a dh’fhàg daoine ann an Linn Ùr na Cloiche gu Dùn Linn an Iarainn, ionnsaighean Lochlannach, daoine a thog canàl sna meadhan-aoisean, tuathanas mòr chruidh gu fuadaichean a sgiùrs na daoine às airson àite a dhèanamh dha caoraich.

Tha e nas fhasa faighinn gu Rubh’ an Dùnain bho thaobh na mara, far an robh muinntir an Dùin aig aon àm a’ faire thairis air na slighean mara a bha uair cho cudromach a thaobh malairt is còmhdhail. ’S e far a bheil e is coireach gun do mhair e cho fada gun mhilleadh. ’S e àite air leth àlainn, sìtheil a th’ann, cudromach a thaobh eachdraidh is dualchas taobh an iar na Gàidhealtachd.

Cruth na Tìre

’S e rubha fada ìosal de thalamh mòintich a th’ ann an Rubh’ an Dùnain, a’ sgaradh Loch Breadail agus Minginis air an taobh an iar bho Loch Sgàbhaig, Sòaigh agus Slèite air an taobh an ear. Tha seallaidhean farsaing bhuaidhe, deas gu Canaigh, Eilean Ruma agus Eige. Tha e air a dhìon bho thuath leis a’ Chuiltheann. Tha an Rubha ann an deagh shuidheachadh gu h-armailteach agus gu sòisealta.

Tha e na dhachaidh do dh’iomadh seòrsa lus agus ainmhidh. Air an t-slighe ann, dh’fhaodadh tu iolairean-buidhe agus iolairean-mara fhaicinn a bharrachd air fasgadairean, steàrnagan, feadagan agus iomadh eun eile. Sa mhuir dh’fhaodadh tu pèileagan agus cearbain fhaicinn, agus biastan-dubha nas fhaisg air a’ chladach. Tha mogairlein pailt.

Bho gu h-àrd

Rannsaich an làrach mar a tha i an-diugh bhon adhar agus faic ath-chruthachadh bhideo air cò ris a dh’fhaodadh an t-àite a bhith coltach rè nam meadhan-aoisean stèidhichte air dreach cala Lochlannaich

 

Leugh an tuilleadh

Loading