Rubh’ an Dùnain
Rannsaich làrach eachdraidheil Rubh’ an Dùnain
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

Sluagh-ùr

Tha Gòrdan Mack, deasaiche an làraich-lìn, a’ cur an cèill lèirsinn airson Rubh’ an Dùnain san àm ri teachd agus a’ mìneachadh mar a thàinig beachd air a stèidheachadh mar choimhearsnachd air-loidhne gu bith.(Chaidh dreach den artaigil seo fhoillseachadh an toiseach le Associated Clan MacLeod Societies nam bloga air-loidhne san t-Sultain 2019).

Beatha ùr do choimhearsnachd trèigte san Eilean Sgitheanach.

Corra uair, dìreach uair no dhà ’s dòcha ann am beatha duine, tha thu a’ faighinn cothrom a dhol gu àite air leth. Àite a tha a’ giùlain faireachadh nam mìltean bhliadhnaichean a chaidh seachad; àite far a bheil eachdraidh air làrach fhàgail san ùir agus air na creagan; àite far a bheil e do-dhèante gun tighinn fo bhuaidh iongantach tìm. Dhòmhsa, ’s e Rubh’ an Dùnain an t-àite sin.

Rubha iomallach, fàs, anns nach robh suim aig daoine fad faisg air 160 bliadhna, air fhàgail aig caoraich, dòbhrain, an iolaire agus am fàsgadan, far a bheil an dealbh-tìre a’ toirt buaidh air anam Ceilteach is Gàidhealach.

Ann an 2015 stèidhich aon teaghlach beag, sliochd Iain Duibh MhicAsgaill, ceannard Chloinn ’ic Asgaill san t-seachdamh linn deug agus prìomh fhear-tac air fearann MhicLeòid air taobh siar an Eilein Sgitheanaich, an làrach-lìn seo ann an oidhirp chan e a-mhàin mothachadh fèin-aithne agus cleamhnas a chumail a’ dol ach cuideachd rannsachadh leantainneach mu dachaidh an sinnsrean a bhrosnachadh. Nas cudromaiche, bha iad airson sìol coimhearsnachd ùr a chur san àite àlainn seo.

Lèirsinn airson àm ri teachd

Tha an làrach air moladh fhaighinn bho air feadh an t-saoghail agus tha na mìltean air tadhal oirre. Ach, airson cumail a’ fàs agus a’ soirbheachadh, feumaidh coimhearsnachd sam bith, a dh’aindeoin a bhith làidir agus misneachail, càirdeas agus taic a’ dol air adhart. An-diugh tha lèirsinn aig Clann ’ic Asgaill Rubh’ an Dùnain airson an fhearann dhìomhair seo a tha nise clàraichte gu foirmeil mar aon de na Carraighean Eachdraidheil as ùire a tha ann an Alba. Tha iad a’ creidsinn gu faodadh àite ro-innleachdail ùr a bhith aig Rubh’ an Dùnain, a chaidh a thaghadh le Clann ’ic Asgaill, luchd-faire nan costaichean is geàird dùthchasach Triathan Chloinn ’ic Leòid, chionns gu robh a shuidheachadh mar àite-dìon cho cudromach, mar choimhearsnachd nuadh san aona linn fichead.

Tha an Comann a’ coimhead air an làraich seo mar chatailist airson coimhearsnachd ùr air-loidhne a chur air an rubha le luchd-còmhnaidh mas fhìor a dh’fhaodadh a bhith nan luchd-saidheans, nan arc-eòlaichean, luchd-eachdraidh, luchd-ealain, luchd-ciùil, clann sgoile, buill de shliochd nan teaghlaichean Sgitheanach thall thairis, seòladairean Lochlannach – gu dearbha duine sam bith aig a bheil ùidh ann am beatha, eachdraidh agus tuigse fhaighinn air na h-eileanan. Tha tiotal-obrach air – Caraidean Rubh’ an Dùnain – agus tha an Comann dhen bheachd gu bheil an coimeasgadh sònraichte de dh’eachdraidh agus eòlas-dùthcha, cultar agus dualchas a’ tairgsinn:

  • Dòigh air buntainneas eachdraidh ri dealbh-tire co-aimsireil a thaisbeanadh, a’ coileanadh cuid de na prìomh amasan aig Àrainneachd Eachdraidheil Alba;
  • Dh’fhaodadh e a bhith na àite-fiosrachaidh susbainteach airson ionnsachadh mu thraidiseanan nan Gàidheal bho thogail eathraichean gu cànan is cultar;
  • Slatan-tomhais maoin carthannais a choileanadh;
  • Goireasan cudromach a thairgsinn do a luchd-còmhnaidh mas fhìor aig iomadh ìre;
  • Eadar-obrachadh air meadhanan sòisealta a leasachadh ’s a sgaoileadh;
  • Cuideachadh le àireamh luchd-tadhail air carragh luachmhor ach fìnealta a chumail fo smachd ach fhathast a’ brosnachadh ùidh luchd-turais ann an Taobh Siar na Gàidhealtachd.
  • Tha am pròiseact seo cus dha Comann beag fèin-thaiceil a tha airson cumail a’ dol gu ìre mhòir mar bhuidheann teaghlaich. Tha e ag aithneachadh ge-tà gum bi feum air obair chruaidh, tosgaire dealasach, luchd-obrach saor-thoileach agus maoin as ùr airson coimhearsnachd ùr a chruthachadh. Agus tha an teaghlach airson ùine agus oidhirp a chur ri Caraidean Rubh’ an Dùnain a stèidheachadh le:

  • prìomh luchd-ùidh a chomharrachadh agus a dhol an sàs leotha;
  • cuideachadh le stiùireadh a thaobh sgioba riaghlaidh agus structar obrachaidh a chruthachadh;
  • cuideachadh le cosgaisean cur air chois mas fheudar (ged a tha ar maoin cuibhrichte);
  • a’ coimhead thairis air eadar-ghluasad rianachas na làraich;
  • cuideachadh le follaiseadh mar a bhiodh iomchaidh;
  • lìbhrigeadh dealas.
  • Tha an sireadh airson tosgaire agus luchd-taice a’ tòiseachadh. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri ur beachdan no ur molaidhean fhaighinn – agus ri cluinntinn bho saor-thagraichean dealasach. Faodaidh sibh ur BEACHDAN A CHUR GU H-ÌOSAL no taic a thairgsinn do Charaidean Rubh’ an Dùnain and AN SEO.

    Dè a chanas tu?

     

     

    Loading

    This site may set cookies for essential tasks, such as tracking whether you are signed in.

    We would also like to set analytics cookies to better understand our users’ behaviour.