Skye’s Hidden Heritage
Discover the historic settlement of Rubh’ an Dùnain
English Gàidhlig
Rubh’ an Dùnain

Naidheachdan

Màrtainn Wildgoose

19.4.24 – ’S ann le bròn a tha sinn a’ clàradh bàs an arc-eòlaiche Sgitheanach Màrtainn Wildgoose nas tràithe air a’ mhìos seo. Tha agus bidh an GEÀRR-CHUNNTAS drùidhteach a rinn e air eachdraidh Rubh’ an Dùnain na anailis drùidhteach, lèirsinneach air a’ chruth-tìre gun choimeas seo.

Mar a chur sinn Rubh’ an Dùnain air ais air a’ chlàr

23.4.23Roots of Revival - prògram aithriseach 22-mionaid ag innse mar a chuidich aon teaghlach de Chlann ’ic Asgaill an Eilein Sgitheanaich le Rubh’ an Dùnain a chur air ais air a’ chlàr-dùthcha. Gheibhear e a-nise air-loidhne. Tha fiosrachadh agus ceangal cuideachd ri fhaotainn air ar duilleig BHIDOIOTHAN.

Ùrachadh Cladh Aoineart

16.4.23 – A-nise tha buidheann ionadail ann a tha airson ùrachadh a dhèanamh air an àite coisrigte seo aig seann chladh Chlann ’ic Asgaill air taobh siar an Eilein Sgitheanaich. Chaidh am buidheann St Maelrubha's Eyenort Graveyard Association a stèidheachadh ann an 2021 agus tha iad a’ sireadh buill ùra agus taic nas fharsainge. Thoir sùil air an duilleig Facebook aca. No leugh cuairt-litir na sine nar LEABHARLANN .

Rabhadh mu Ìre na Mara

2.3.23 – Bidh an Carragh Eachdraidheil, Rubh’ an Dùnain, Loch na h-Àirde agus a’ mhòr-chuid de na nithean àrsaidh mun cuairt fodha sa mhùir mus tig 2030 a rèir Climate Central, buidheann neo-eisimeileach de luchd-saidheans. Faic an fhàisneachd aca AN SEO..

A’ cruinneachadh sgudail

16.10.21 – Chaidh sgudal air a’ chladach aig Rubh’ an Dùnain a sgioblachadh le naoinear ionadail ag obair gu saor-thoileach. Thog iad 90kg de sgudal agus chaidh a ghiùlain air ais gu Gleann Breadail. ’S math a rinn sibh, a Mharcus O Connell agus do charaidean. Fiosrachadh Facebook. Coimhead film le Cal Major, Skye's the Limit,S mu mar a chuairtich i an t-eilean air bòrd-pleadhaige mar thaic do Paddle Against Plastic.

Loading